Leabhraichean tearca Gàidhlig

Tha còrr agus 3000 obair foillsichte a bhuineas ris a' Ghàidhlig anns an leabharlann; leabhraichean a chaidh an sgrìobhadh ann an Gàidhlig agus anns na cànain Ceilteach eile, a thuilleadh air leabhraichean mu na Gàidheil 's mun chultar aca, an litreachas agus an eachdraidh. 'S ann sgapte tro chruinneachan a tha a' mhòr chuid de dh' obair foillsichte sa Ghàidhlig ach chaidh cur ris an stòras leis na h-uimhir de chruinneachaidhean sòmhraichte a tha anns a' Ghàidhlig, neo tha buntainn rithe mar chuspair, a bhi gan tasgadh sa Leabharlann.

Cruinneachaidhean sòmhraichte agus ainmichte

Leth-bhreac de Leabhar Deer
Bhon a' Chruinneachadh
Oiseanach: Leth-bhreac de
Leabhar Deer
Larger image

Anns a' Chruinneachadh Oiseanach, tha 327 leabhraichean air cuspairean a bhuineas ris a' chonnspaid 'Oiseanach', cuid dhuibh le clàr-dùthcha Rìoghachd Ceilteach Connor, nam measg diofair dhreachan 's eadar-theangaichean dhen teacst. Chaidh an cruinneachadh seo a dhèanamh le J Tormod Methven à Peairt.

Anns a' Chruinneanach Blàireach tha 502 tiotalan Gàidhlig, an roinn as fheàarr dhuibh air cuspairean cràbhaidh no litreachail. Tha cuideachd obraichean ann air cànain agus sluaighean Ceilteach eile. 'S i a' Bhan-Tighearna Eibhlin Stiùbhairt Mhoireach a rinn an cruinneachadh seo a thionail mu dheireadh na 19mh linn.

Ann an Cruinneachadh MhicMhathain tha 170 leabhraichean a bhuineas ri cuspair na Gàidhlig. Anns a' mhòr chuid is iad obraichean air eòlas cainnte nan cànan Ceilteach agus cuid de chànain neo-Cheilteach. Tha feadhainn dhiubh seo air an comharrachadh le smuaintean an neach-cruinneachaidh, an t-Ard Ollamh Aonghas MacMhathain.

An tasgadh ann an Cruinneachadh Cathrach-easbaig an Obain tha 57 obair foillsichte sa Ghàidhlig eadar an 18mh agus am 20mh linn. An tasgadh sa Chruinneachadh aig Deòrsa Mac Iain Dheòrsa tha 15 leabhraichean anns a bheil ùidh a-thaobh na Gàidhlig nochte. 'S iad, sa mhòr-chuid, obraichean ceangailte ris a' chànan fhèin neo ri a bàrdachd. Ach a-mhàin na 15 obraichean seo à Cruinneachahd Mhic Iain Dheòrsa agus iad sin ann an Cruinneachadh Cathrach-eaglais an Obain, tha a' mhòr-chuid dhen na cruinneachaidhean Gàidhlig a-nis rim faicinn air micro-film.

'Bratach na Firinn'
Bhon a' Chruinneachadh
aig Uisdean Moireasdan
Larger image

A' chiad leabhar saoghalta sa Ghàidhlig

Anns an Cruinneachadh aig Uisdean Moireasdain tha 320 leabhraichean agus 30 leabhraichean ann an Gàidhlig air cuspairean litreachail is cràbhaidh. 'S ann à leabharlann Uisdean Moireasdan fhèin a chaidh an cruinneachadh seo a dhèanamh; b'esan a' chiad leabharlannaiche air Baile Dhùn Eideann. Aon rud a chomharraicheas an cruinneachadh seo 'se leth bhreac glè thearc dhen a' chiad clo-bhualadh sa Ghàidhlig de 'Cuairt an oilthirich, no, Turus a Chriosduidh' le John Bunyan, foillsichte ann an Dùn Eideann ann an 1812. Leabhar eile uidheachail 'se leth bhreac dhen a' chiad leabhar neo-chràbhaidh ann an Gàidhlig a chaidh a chlò-bhualadh ann an 1741: ' Leabhar a Theagase Ainminnin No: A Nuadhfhoclair Gaoidheil & Beurla', air a chur ri chèile leis a' bhàrd Seumasach Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair (1695-1770). Chaidh a' chiad leabhar fhoillseachadh sa Ghàidhlig ann an 1567 agus 's ann air cuspairean cràbhaidh a bha na sgrìobhaidhean a thàinig às na clò-bheairtean rè na 200 bliadhnaichean a lean.

Tha leth-bhreac eile de 'Leabhar a Theagase Ainminn' ris a lorg anns a' Chruinneachadh aig Iain Og Ille. Tha an cruinneachadh aig Iain Frangan Caimbeul (Iain Og Ille) sòmhraichte cudthromach eadhon a-measg na cruinneachaidhean Gàidhlig. Tha 610 leabhraichean air cuspairean beul-aithris na Gàidhealtachd, litreachas Oiseanach agus air cuspairean Ceilteach eile, feadhainn air an do sgrìobh Caimbeul a bheachdan fhèin.

Leabhraichean clò-bhuailte air leth

'Adtimchiol an chreidimh'
An darna leabhar
Gàidhlig a chaidh a
chlò-bhualadh
Larger image

'S e an leabhair clò-bhuailte as sine sa Ghàidhlig a tha sa leabharlann 'Catéchisme de l'Eglise de Geneve, Adtimchoil an creidimh comhaghalluidheadar an maighister, agus an leanamh' le Iain Calbhain a thàinig à clò Iain Wreitoun ann an Dùn Eideann. 'Se seo an darna leabhair a chaidh a chlò-bhualadh sa chànan agus 's ann sa leabharlann a tha an aon leth-bhreac air am bheil sgeul. Is d'fheuch innse ann an 1631, gun robh 70 bliadhnaichean air a dhol seachad bhon a chaidh a'chiad leabhar Gàidhlig fhoillseachadh.

Chan eil leth-bhreac sa leabharlann dhen a' chiad leabhar a chaidh fhoillseachadh sa Ghàidhlig, an eadar-theangachadh Gàidhlig a chaidh a dhèanamh leis an Easbuig Iain Carsuel air Book of Common Order neo 'Knox's Liturgy' ann an 1560: Chan eil sgeul an diugh ach air na trì leth bhreacan de 'Foirm na nurrnuidheadh' bho 1567 agus iad seo uile neo-iomlan.

A-measg iomadach obair innteanach eile sa Ghàidhlig tha an aon eisimpleir de sanas a' moladh eilthireachd a dh'Ohio a chaidh a chlò-bhualadh ann ann 1822 ann an Sruighlea.

Grunnd iùil ann a dh'fhaodar agus ainm-chlair

Nochdaidh fiosrachadh mu 3220 obraichean le bhi a' lorg leis am facal 'Gaelic' anns an main catalogue. 'S ann a tha a' Ghàidhlig mar phriomh chuspair 1240 dhiubh seo. Anns an leabharlann tha sia leabhraichean Gàidhlig clò-bhuailte roimh 1701, 212 clò-bhuailte eadar 1701 agus 1900, agus 2048 clò-bhuailte as dèidh 1900. A-thaobh leabhraichean a tha tearc, tha English Short-Title Catalogue (ESTC) ag ainmeachadh 57 tiotalan a tha san NLS leis a' chòd chainnt 'Gaelic', 14 le Gàidhlig na h-Eirinn agus ceithir le Gàidhlig Eilean Mhanainn.

Tha grunnd iùil ann a dh'fhaodar cleachdadh airson leabhraichean clò-bhuailte ann an Gàidhlig a lorg, nam measg: 'Scottish Gaelic Union Catalogue: A List of Books Printed in Scottish Gaelic from 1567-1973'. Tha fiosrachadh mu 3038 leabhraichean air an clàradh sa Union Catalogue. Tha fiosrachadh air a thoirt ann an òrdugh a-rèir ainm an ùghdair le fiosrachadh mu dè na leabharlannan anns a bheil gach leabhar; leabharlann nàiseanta, academiceach neo poblach. Chan eil fiosrachadh air a thoirt mu leabhraichean a tha air an glèidheadh ann an cruinneachaidhean piòbhaideach neo cruinneachaidhean a tha thall-thairis.

Tha an stòr data Scottish Bibliographies Online (SBO) a' tarraing còmhladh leabhraichean agus eile anns am bheil fiosrachadh mu Alba. Aig an àm seo, tha 2635 leabhraichean air an clàradh aig a bheil ceangal ris a' Ghàidhlig. Ceangailte ri stòr data SBO tha an Bibliography of Scottish Gaelic (BOSG) anns a bheil fiosrachadh mu obraichean clò-bhuailte sa Ghàidhlig à diofair amanan. Tha 2100 clàr air an stòr seo an dràsta ach thathar a' sìor chur ris.

 

English version of this page

 

 

Rare books subjects and date ranges

 



Speak me