Tha còrr agus 3000 obair foillsichte a bhuineas ris a' Ghàidhlig anns an leabharlann; leabhraichean a chaidh an sgrìobhadh ann an Gàidhlig agus anns na cànain Ceilteach eile, a thuilleadh air leabhraichean mu na Gàidheil 's mun chultar aca, an litreachas agus an eachdraidh. 'S ann sgapte tro chruinneachan a tha a' mhòr chuid de dh' obair foillsichte sa Ghàidhlig ach chaidh cur ris an stòras leis na h-uimhir de chruinneachaidhean sòmhraichte a tha anns a' Ghàidhlig, neo tha buntainn rithe mar chuspair, a bhi gan tasgadh sa Leabharlann.
Cruinneachaidhean sòmhraichte agus ainmichte
Anns a' Chruinneachadh Oiseanach, tha 327 leabhraichean air cuspairean a bhuineas ris a' chonnspaid 'Oiseanach', cuid dhuibh le clàr-dùthcha Rìoghachd Ceilteach Connor, nam measg diofair dhreachan 's eadar-theangaichean dhen teacst. Chaidh an cruinneachadh seo a dhèanamh le J Tormod Methven à Peairt.
Anns a' Chruinneanach Blàireach tha 502 tiotalan Gàidhlig, an roinn as fheàarr dhuibh air cuspairean cràbhaidh no litreachail. Tha cuideachd obraichean ann air cànain agus sluaighean Ceilteach eile. 'S i a' Bhan-Tighearna Eibhlin Stiùbhairt Mhoireach a rinn an cruinneachadh seo a thionail mu dheireadh na 19mh linn.
Ann an Cruinneachadh MhicMhathain tha 170 leabhraichean a bhuineas ri cuspair na Gàidhlig. Anns a' mhòr chuid is iad obraichean air eòlas cainnte nan cànan Ceilteach agus cuid de chànain neo-Cheilteach. Tha feadhainn dhiubh seo air an comharrachadh le smuaintean an neach-cruinneachaidh, an t-Ard Ollamh Aonghas MacMhathain.
An tasgadh ann an Cruinneachadh Cathrach-easbaig an Obain tha 57 obair foillsichte sa Ghàidhlig eadar an 18mh agus am 20mh linn. An tasgadh sa Chruinneachadh aig Deòrsa Mac Iain Dheòrsa tha 15 leabhraichean anns a bheil ùidh a-thaobh na Gàidhlig nochte. 'S iad, sa mhòr-chuid, obraichean ceangailte ris a' chànan fhèin neo ri a bàrdachd. Ach a-mhàin na 15 obraichean seo à Cruinneachahd Mhic Iain Dheòrsa agus iad sin ann an Cruinneachadh Cathrach-eaglais an Obain, tha a' mhòr-chuid dhen na cruinneachaidhean Gàidhlig a-nis rim faicinn air micro-film.
A' chiad leabhar saoghalta sa Ghàidhlig
Anns an Cruinneachadh aig Uisdean Moireasdain tha 320 leabhraichean agus 30 leabhraichean ann an Gàidhlig air cuspairean litreachail is cràbhaidh. 'S ann à leabharlann Uisdean Moireasdan fhèin a chaidh an cruinneachadh seo a dhèanamh; b'esan a' chiad leabharlannaiche air Baile Dhùn Eideann. Aon rud a chomharraicheas an cruinneachadh seo 'se leth bhreac glè thearc dhen a' chiad clo-bhualadh sa Ghàidhlig de 'Cuairt an oilthirich, no, Turus a Chriosduidh' le John Bunyan, foillsichte ann an Dùn Eideann ann an 1812. Leabhar eile uidheachail 'se leth bhreac dhen a' chiad leabhar neo-chràbhaidh ann an Gàidhlig a chaidh a chlò-bhualadh ann an 1741: 'Leabhar a Theagase Ainminnin No: A Nuadhfhoclair Gaoidheil & Beurla', air a chur ri chèile leis a' bhàrd Seumasach Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair (1695-1770). Chaidh a' chiad leabhar fhoillseachadh sa Ghàidhlig ann an 1567 agus 's ann air cuspairean cràbhaidh a bha na sgrìobhaidhean a thàinig às na clò-bheairtean rè na 200 bliadhnaichean a lean.
Tha leth-bhreac eile de 'Leabhar a Theagase Ainminn' ris a lorg anns a' Chruinneachadh aig Iain Og Ille. Tha an cruinneachadh aig Iain Frangan Caimbeul (Iain Og Ille) sòmhraichte cudthromach eadhon a-measg na cruinneachaidhean Gàidhlig. Tha 610 leabhraichean air cuspairean beul-aithris na Gàidhealtachd, litreachas Oiseanach agus air cuspairean Ceilteach eile, feadhainn air an do sgrìobh Caimbeul a bheachdan fhèin.
Leabhraichean clò-bhuailte air leth
'S e an leabhair clò-bhuailte as sine sa Ghàidhlig a tha sa leabharlann 'Catéchisme de l'Eglise de Geneve, Adtimchoil an creidimh comhaghalluidheadar an maighister, agus an leanamh' le Iain Calbhain a thàinig à clò Iain Wreitoun ann an Dùn Eideann. 'Se seo an darna leabhair a chaidh a chlò-bhualadh sa chànan agus 's ann sa leabharlann a tha an aon leth-bhreac air am bheil sgeul. Is d'fheuch innse ann an 1631, gun robh 70 bliadhnaichean air a dhol seachad bhon a chaidh a'chiad leabhar Gàidhlig fhoillseachadh.
Chan eil leth-bhreac sa leabharlann dhen a' chiad leabhar a chaidh fhoillseachadh sa Ghàidhlig, an eadar-theangachadh Gàidhlig a chaidh a dhèanamh leis an Easbuig Iain Carsuel air Book of Common Order neo 'Knox's Liturgy' ann an 1560: Chan eil sgeul an diugh ach air na trì leth bhreacan de 'Foirm na nurrnuidheadh' bho 1567 agus iad seo uile neo-iomlan.
A-measg iomadach obair innteanach eile sa Ghàidhlig tha an aon eisimpleir de sanas a' moladh eilthireachd a dh'Ohio a chaidh a chlò-bhualadh ann ann 1822 ann an Sruighlea.
Grunnd iùil ann a dh'fhaodar agus ainm-chlair
Nochdaidh fiosrachadh mu obraichean Gàidhlig anns na cruinneachaidhean Leabharlainn tro Library Search. Anns an leabharlann tha sia leabhraichean Gàidhlig clò-bhuailte roimh 1701, 212 clò-bhuailte eadar 1701 agus 1900, agus 2048 clò-bhuailte as dèidh 1900. A-thaobh leabhraichean a tha tearc, tha English Short-Title Catalogue (ESTC) ag ainmeachadh 57 tiotalan a tha san NLS leis a' chòd chainnt 'Gaelic', 14 le Gàidhlig na h-Eirinn agus ceithir le Gàidhlig Eilean Mhanainn.
Tha grunnd iùil ann a dh'fhaodar cleachdadh airson leabhraichean clò-bhuailte ann an Gàidhlig a lorg, nam measg: 'Scottish Gaelic Union Catalogue: A List of Books Printed in Scottish Gaelic from 1567-1973'. Tha fiosrachadh mu 3038 leabhraichean air an clàradh sa Union Catalogue. Tha fiosrachadh air a thoirt ann an òrdugh a-rèir ainm an ùghdair le fiosrachadh mu dè na leabharlannan anns a bheil gach leabhar; leabharlann nàiseanta, academiceach neo poblach. Chan eil fiosrachadh air a thoirt mu leabhraichean a tha air an glèidheadh ann an cruinneachaidhean piòbhaideach neo cruinneachaidhean a tha thall-thairis.