Catalog an Leabharlainn Nàiseanta

Catalog an Leabharlainn Nàiseanta ri fhaghinn sa Ghàidhlig

Gabhaidh na cruinneachaidhean air leth aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba a rannsachadh tron Ghàidhlig a-nis mar phàirt de dhealas seasmhach an Leabharlainn a bhith a' brosnachadh cleachdadh a' chànain.

Chaidh an goireas Gàidhlig ùr seo air làrach-lìn an Leabharlainn a chur air bhog gu h-oifigeil leis an Dr Alasdair Allan, Ministear airson Cànanan na h-Alba, agus e a' tadhal air an Leabharlann an-diugh (19 Sultain).

Tha seo a' gabhail a-steach prìomh chatalog an Leabharlainn anns a bheil cha mhòr còig mìle clàr agus anns a bheil a' mhòr-chuid de chruinneachaidhean clò-bhuailte an Leabharlainn. Chithear an goireas an seo: http://main-cat.nls.uk/vwebv/searchBasic?sk=nls_gae

Tha Leabharlann Nàiseanta na h-Alba cuideachd air a Phlana Gàidhlig fhèin a chruthachadh, a chaidh fhoillseachadh an-diugh, a tha a' mìneachadh mar a bhios an leabharlann a' cumail taic ri cleachdadh a' chànain.

Thuirt an Dotair Allan: 'Airson suidheachadh na Gàidhlig a bhrosnachadh tha e deatamach gum bi daoine le Gàidhlig deònach a cleachdadh nas trice, agus feumaidh cothroman a bhith ann dhaibh seo a dhèanamh. Bheir catalog an Leabharlann Nàiseanta cothrom do luchd-cleachdaidh agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig coimhead air còrr is 15 millean pàipear iongantach thar linntean de dhualchas, cultar agus euchdan na h-Alba. Le bhith a’ cur Gàidhlig agus Bheurla còmhla mar seo, tha an Leabharlann Nàiseanta ag àrdachadh inbhe na Gàidhlig agus bu chòir dhuinn fàilte a chuir air an obair seo.'

Bha an obair air a' chatalog na phròiseact gu math dùbhlanach mar thoradh air a' bhriathrachas teicnigeach speisealta a tha ga chleachdadh ann an leabharlannan agus bha feum air dòigh-obrach chruthachail san eadar-theangachadh. Mar eisimpleir, chaidh 'Àite air an sgeilp', a chleachdadh airson 'Shelfmark'. Tha barrachd fhaclan sna h-abairtean Gàidhlig na anns a' Bheurla thùsail agus bha aig na h-eadar-theangairean ri bhith pongail mar thoradh air cruth eadar-aghaidh (interface) a' chataloig.

'S e aon toradh den phròiseact gun deach liosta de bhriathrachas Gàidhlig a chur ri chèile a thaobh catalogadh. Tha NLS an dùil a bhith a' co-roinn seo le leabharlannan is buidhnean eile a tha airson tionndaidhean Gàidhlig a dhèanamh de na catalogan aca fhèin. Bidh seo na chuideachadh do leabharlannan eile gus eadar-aghaidhean an cuid chatalogan eadar-theangachadh don Ghàidhlig agus bidh e na bhrosnachadh eile don chànan.

Chaidh an t-eadar-theangachadh a dhèanamh le ceathrar luchd-obrach aig an Leabharlann a tha nan sgoilearan Gàidhlig agus a dh'ionnsaich Gàidhlig, agus leis an neach-obrach saor-thoileach Ceitidh Murray aig a bheil Gàidhlig bho thùs agus a bha uair na tidsear Gàidhlig. An uair 's gun robh an t-eadar-theangachadh deiseil, chaidh a dhearbhadh taobh a-staigh NLS agus air an taobh a-muigh le Greg MacThòmais, a tha ag obair aig Leabharlann Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach agus aig a bheil Gàidhlig bho thùs.

Thuirt an Leabharlannaiche Nàiseanta, Màrtainn Wade: 'Tha e fìor mhath gu bheil an catalog againn ri fhaighinn sa Ghàidhlig. Tha e na dhealas aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba a bhith a' brosnachadh agus a bhith a' cur ri mothachadh na Gàidhlig agus tha sinn an dòchas gum bi fèill mhòr air an eadar-theangachadh seo bho dhaoine aig a bheil Gàidhlig no aig a bheil ùidh sa chànan.'

Thuirt Ceitidh Murray, a chuidich luchd-obrach leis a' phròiseact gu saor-thoileach: 'Mar chuideigin aig a bheil Gàidhlig bho thùs bha e na thoileachas dhomh a bhith a' cuideachadh luchd-obrach an Leabharlainn leis an tionndadh Ghàidhlig den chatalog. Tha eadar-theangachadh eadar Beurla is Gàidhlig uaireannan na dhùbhlan, gu h-àraidh nuair a thathar a' dèiligeadh ri briathrachas speisealta den t-seòrsa a gheibhear ann an leabharlannan, mar eisimpleir.'

19 September 2013




Speak me