A Gaelic translation of the National Library of Scotland's search service gives Gaelic speakers wider access to the Library collections.
Library Search allows people to find details of the Library's hard copy and digital collections, including selected publishers' databases. Lorgaire Leabharlainn offers the same service in Gaelic.
As well as increasing access to the Library's significant collection of Gaelic material, the service aims to encourage and promote the use of the Gaelic language. It also supports the National Gaelic Language Plan's goal for Gaelic to be used more widely.
The Bòrd na Gàidhlig Gaelic Language Act Implementation Fund provided a grant for the project.
Anyone can use Library Search. Only Library members can request materials for consultation in the Edinburgh reading rooms and access certain digital materials and database subscriptions. It is free to join the Library.
21 September 2021
Leabharlann a' foillseachadh tionndadh Gàidhlig den t-seirbheis-luirg aice
Tha eadar-theangachadh Gàidhlig den t-seirbheis-luirg aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba a' toirt cothrom nas fharsainge air cruinneachaidhean na Leabharlainn do luchd-labhairt na Gàidhlig.
Bidh Library Search a' leigeil le daoine fiosrachadh a lorg air na cruinneachaidhean fiosaigeach is didseatach aig an Leabharlann, a' gabhail a-steach stòran-dàta bho fhoillsichearan air an taghadh gu sònraichte. Tha Lorgaire Leabharlainn a' tabhann an aon seirbheis ann an Gàidhlig.
A bharrachd air a bhith a' meudachadh ruigsinneachd air a' chruinneachadh mhòr de stuthan Gàidhlig aig an Leabharlann, tha an t-seirbheis ag amas air daoine a mhisneachadh is a bhrosnachadh ann a bhith a' cleachdadh na Gàidhlig. Tha i cuideachd a' cur taic ri amas Plana Nàiseanta na Gàidhlig airson Gàidhlig a bhith ga cleachdadh nas fharsainge.
'S urrainn do dhuine sam bith Lorgaire Leabharlainn a' chleachdadh. Chan urrainn ach buill na Leabharlainn iarraidh a chur air stuthan airson co-chomhairleachaidh anns na seòmraichean-leughaidh againn an Dùn Èideann agus cothrom fhaighinn air feadhainn de na stuthan didseatach is sìnteasan do stòran-dàta. Gheibhear ballrachd anns an Leabharlann an-asgaidh.
21 Sultain 2021