
Gàidhlig Storymaker
Overview
The Gàidhlig Storymaker 12-month role is funded by Bòrd na Gàidhlig and the National Library of Scotland and is open to creative practitioners based anywhere in Scotland who are fluent in Gaelic. The opportunity has been inspired by the current dual language exhibition at the National Library of Scotland, ‘Sgeul | Story: Folktales from the Scottish Highlands’. It aims to promote Gaelic through creative storytelling practice in order to:
- celebrate the richness of Gaelic language in Scotland,
- engage a range of audiences with Gaelic language and culture through stories told in visual, spoken, or digital formats,
- raise awareness of the Library’s rich Gaelic language collections which includes manuscripts, printed books, maps, film and music.
The main focus for the Storymaker will therefore be to develop and deliver a range of public events and workshops in local community settings as well as at the National Library of Scotland in Edinburgh and Glasgow, and through relevant digital platforms. There will also be time for the post holder to develop their own creative practice in Gaelic.
Applications close 21 August.
For details and how to apply visit our online portal.
Sgeulaiche Gàidhlig
Tar-shealladh
Tha an dreuchd 12 mìosan mar Sgeulaiche Gàidhlig air a maoineachadh le Bòrd na Gàidhlig agus Leabharlann Nàiseanta na h-Alba agus tha i fosgailte do chleachdaichean cruthachail stèidhichte ann an àite sam bith ann an Alba a tha fileanta sa Ghàidhlig. Chaidh an cothrom seo a bhrosnachadh leis an taisbeanadh dà-chànanach làithreach aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba, ‘Sgeul | Story: Sgeulachdan bho Ghaidhealtachd na h-Alba’. Tha e ag amas air Gàidhlig a bhrosnachadh tro sheanchas cruthachail gus:
- beairteas na Gàidhlig ann an Alba a chomharrachadh,
- com-pàirteachadh le diofar luchd-amais air a’ Ghàidhlig agus a cultar tro sgeulachdan air innse ann an riochdan lèirsinneach, labhairteach no didseatach,
- aire a thogail mu chruinneachaidh beartach Gàidhlig an Leabharlainn a tha a’ gabhail a-steach làmh-sgrìobhainnean, leabhraichean clò-bhuailte, mapaichean, film is ceòl.
Mar sin bidh prìomh fhòcas an Sgeulaiche air cruthachadh agus lìbhrigeadh farsaingeachd de thachartasan poblach agus bùithtean-obrach ann an suidheachaidhean coimhearsnachd ionadail a bharrachd air ann an Leabharlann Nàiseanta na h-Alba ann an Dùn Èideann agus Glaschu, agus tro àrd-ùrlaran didseatach iomchaidh. Bidh ùine ann cuideachd dhan neach san dreuchd an cleachdadh cruthachail aca fhèin sa Ghàidhlig a chur air adhart.
Ceann-latha airson iarrtasan 21 Lùnastal.
Airson barrachd fiosrachaidh agus gus iarrtas a dhèanamh, faic am portal obraichean air-loidhne againn.
Page published 31 July 2023.