National Library of Scotland

Atharraichidh leabharlannan beathannan. Tha iad a' cur ri co-ionannachd, a' toirt cumhachd do dhaoine fa leth agus do choimhearsnachdan gus a bhith a' cruthachadh, a' dèanamh ceangail, agus a bhith a' tuigsinn an t-saoghail agus càch a chèile tro sgeulachdan beairteach is eadar-mheasgte. Chaidh leabharlannan poblach a chruthachadh airson leas a' phobaill. Dìreach mar a thug Anndra Carnegie taic do chruthachadh leabharlannan poblach, bha lèirsinn aig an tabhartaiche stèidheachaidh againn, Sir Alexander Grant – còmhla ri Dàmh an Luchd-tagraidh agus an Riaghaltas – mar a leanas:

'Bidh leabharlann nàiseanta aig Alba far am faigh a h-uile duine cothrom air leabhar sam bith a thogras iad.' 

Fad 100 bliadhna, tro Achdan Pàrlamaid leantainneach, tha Leabharlann Nàiseanta na h-Alba, air a bhith an urra ri bhith a' cruinneachadh, a' dìon agus a' co-roinn cuimhne clò-bhuailte is clàraichte na dùthcha airson buannachd nan uile.   

Agus sinn a' comharrachadh ar ceudamh ceann-bliadhna ann an 2025, tha sinn a' coimhead air adhart, chan ann a-mhàin còig bliadhna air thoiseach oirnn ach cuideachd 100 bliadhna air thoiseach oirnn agus nas fhaide air adhart agus faighnichidh sinn: ciamar as urrainn dhuinn a bhith nar deagh shinnsearan agus cumail oirnn a' dèanamh cinnteach gu bheil sinn ruigsinneach agus buntainneach do dhaoine san latha an-diugh, a bharrachd air san àm ri teachd? Ciamar as urrainn dhuinn a' bhuaidh as motha agus an luach as motha a thoirt seachad?

'S e mapa a tha san ro-innleachd seo a stiùireas sinn air an t-slighe againn gu 2030, a' togail air soirbheachas nan ro-innleachdan a bh' againn roimhe. Chaidh a tharraing ri chèile tro chòmhraidhean le farsaingeachd de dhaoine air feadh na dùthcha thar na bliadhna a dh'fhalbh. Tha atharrachaidhean mòra air a tighinn aig a' chomann-shòisealta anns a' cheud bliadhna mu dheireadh, agus tha an t-atharrachadh a' fàs nas luaithe. Anns na còig bliadhna bho dh'fhoillsicheadh ar ro-innleachd Reaching People, tha sinn air atharrachadh geo-phoilitigeach, teicneòlach agus àrainneachdail fhaicinn de mheud nach b' urrainn dhuinn a bhith air ro-innse. Anns an ath 100 bliadhna romhainn, ged is cinnteach gum bi atharrachaidhean anns na cothroman is sna cnapan-starra a bhios romhainn, mairidh am misean againn mar a tha e.

A group of people walking up the main stairs in the Library which have the centenary logo on them.

An Lèirsinn againn

Tha Leabharlann Nàiseanta na h-Alba na pàirt bheothail, in-ghabhalach, cheangailte agus chruthachail de dh'Alba, a' cur luach ri beatha an fheadhainn a tha a' fuireach ann an Alba agus an fheadhainn a tha a' tadhal oirnn.   

Misean

Gus na cruinneachaidhean nàiseanta a leasachadh, a dhìon agus a cho-roinn gu farsaing agus gu farsaingeachd de luchd-cleachdaidh, airson foghlaim, rannsachaidh agus tlachd.

Two people visiting a Library exhibition.

Na Prìomhachasan Ro-innleachdail againn

Tha trì prìomhachasan ro-innleachdail anns an ro-innleachd againn a tha stèidhichte air na luachan againn. Mar thoradh orra seo, bidh an leabharlann a' togail air bunaitean làidir agus air soirbheasan, a' cumail oirnn a' sìor-atharrachadh gus am bi sinn buntainneach do bheatha dhaoine agus a' cur aghaidh air dùbhlain an latha an-diugh.

Stiùbhardachd Chunntachail

Tha Leabharlann Nàiseanta na h-Alba air a bhith ann bho 1925, ach tha na cruinneachaidhean a tha sinn a' gleidheadh a' dol air ais còrr is 1200 bliadhna. Tha dleastanas air a h-uile duine a tha ag obair anns an Leabharlann a bhith nan stiùbhardan cunntachail, gus an urrainn dhan Leabharlann taic a chumail ri Alba, chan ann a-mhàin airson nan còig bliadhna a tha romhainn, ach gu fada dhan àm ri teachd.

Gus taic a chumail ris an obair seo thar nan còig bliadhna a tha romhainn, nì sinn na leanas:  

  1. Leasaichidh sinn cruinneachaidhean an nàisein ann an dòigh a tha seasmhach, ruigsinneach, agus buntainneach do chomann-sòisealta a tha a' sìor-atharrachadh.

  2. Tasgaidh sinn ann am bun-structar agus pròiseasan tèarainte gus na daoine, togalaichean, dàta agus cruinneachaidhean againn a dhìon.

  3. Nì sinn cinnteach gu bheil tuairisgeul ciallach agus iomchaidh air na cruinneachaidhean agus dàta nàiseanta agus gu bheil iad furasta rin lorg.

  4. Nì sinn roghainnean beusach gus faid-beatha nan cruinneachaidhean nàiseanta a mheudachadh, a' cothromachadh feumalachdan luchd-amais an-dràsta agus san àm ri teachd.

  5. Tasgaidh sinn ann an teicneòlas, sgilean agus rannsachadh agus co-roinnidh sinn seo gus dèanamh cinnteach gu bheil cruinneachaidhean na dùthcha air an gleidheadh agus air an dìon airson an àm ri teachd.

A member of staff explaining something to a visitor.

Ceangal

Faodaidh leabharlannan nàiseanta a bhith mar dhrochaid eadar an t-àm a dh'fhalbh agus an t-àm ri teachd agus eadar daoine fa leth agus coimhearsnachdan. Tha dreuchd ceannardais chudromach aca cuideachd air feadh roinn nan leabharlannan. A dh'aindeoin ceanglaichean cruinneil, tha an saoghal uaireannan a' faireachdainn nas sgaraichte agus nas sgapte. Tro na cruinneachaidhean beartach is eadar-mheasgte, a bhios sinn a' toirt seachad air-loidhne agus tro ionadan fiosaigeach agus tro chom-pàirteachasan is lìonraidhean làidir, brosnaichidh sinn feòrachas, togaidh sinn earbsa agus cuiridh sinn an-aghaidh mì-fhios agus sgaraidhean.

Gus taic a chumail ris an obair seo thar nan còig bliadhna a tha romhainn, nì sinn na leanas: 

  1. Cuiridh sinn luchd-cleachdaidh aig cridhe cruthachadh àiteachan air-loidhne agus fiosaigeach a tha ruigsinneach, fàilteachail agus brosnachail airson conaltradh le cruinneachaidhean agus seirbheisean.

  2. Cruthaichidh sinn com-pàirteachasan brìoghmhor le raon farsaing agus eadar-mheasgte de luchd-ùidh air feadh na dùthcha gus seirbheisean a lìbhrigeadh do dh'Alba gu lèir, a' gabhail a-steach a bhith a' cumail taic ri cànanan na h-Alba. 

  3. Togaidh sinn lìonraidhean cruinneil làidir gus sgeulachdan mu eachdraidh na h-Alba agus Alba san latha an-diugh a rannsachadh, a lorg agus fhoillseachadh, a' cruthachadh eòlas ùr airson an àm ri teachd.

  4. Lorgaidh sinn agus innsidh sinn sgeulachdan eadar-mheasgte tro na taisbeanaidhean, tron obair com-pàirteachais tachartasan agus prògraman againn.

  5. Nì sinn ceangal ri luchd-amais làithreach agus san àm ri teachd, a' sireadh am beachdan agus gan cumhachdachadh tro chothrom air eòlas.

Two students standing in front of a bookcase looking at something on a phone.

Seasmhachd

Feumaidh an Leabharlann mar bhuidheann fàs nas seasmhaiche anns a h-uile dòigh Tha seo a' gabhail a-steach luchd-obrach a bhith againn leis na sgilean agus leis an eòlas a tha a dhith airson na h-obrach againn, agus modail maoineachaidh gus taic a thoirt do lìbhrigeadh ar n-amasan agus ar misean gus seirbheis a thoirt do mhuinntir na h-Alba.

Tha e na ghealltanas dhuinn an lorg-àrainneachd againn air an t-saoghal a lùghdachadh, agus taic a thoirt do rannsachadh, conaltradh agus lorg gus cuideachadh gus buaidh èiginn na gnàth-shìde a lùghdachadh.   

Gus taic a chumail ris an obair seo thar nan còig bliadhna a tha romhainn, nì sinn na leanas:  

  1. Nì sinn adhartas a dh'ionnsaigh na targaid cothromachadh-carboin a bhith againn ro 2045 agus leabaichidh sinn litearrachd charboin air feadh na buidhne.

  2. Obraichidh sinn ann an com-pàirteachas le buidhnean dualchais eile gus dèiligeadh ris na dùbhlain stòraidh a tha romhainn an-dràsta agus a bhios romhainn san àm ri teachd.

  3. Leasaichidh sinn am bun-structar didseatach agus na seirbheisean didseatach againn ann an dòigh thèarainte, sheasmhach agus a ghabhas a sgèileadh.

  4. Brosnaichidh sinn tionnsgalachd, cruthachalachd agus ùr-ghnàthachadh gus cur ris a' chomas againn gus teachd-a-steach a dhèanamh agus gus cur ris an t-seasmhachd ionmhasail againn.

  5. Cleachdaidh agus leabaichidh sinn teicneòlasan ùra, leithid Inntinn Fuadain (AI), ann an dòigh sheasmhach agus beusach, ag obair le com-pàirtichean rannsachaidh, gnìomhachais agus cruthachail.

Two children sitting on a bench listening to something in Kelvin Hall.

Na Luachan againn

Treibhdhireas  

Bidh sinn daonnan ciallach cùramach agus mothachail air na dleastanasan againn do chàch a chèile agus do na cruinneachaidhean againn. Mar stiùbhardan cunntachail air stòrasan poblach, bidh sinn fosgailte, follaiseach agus ruigsinneach.

In-ghabhail 

Bidh na daoine againn, am Bòrd againn agus an luchd-amais againn a' riochdachadh choimhearsnachdan eadar-mheasgte is beòthail na h-Alba. Co-obraichidh sinn air an taobh a-staigh agus air an taobh a-muigh agus bheir sinn cumhachd do dhaoine agus do choimhearsnachdan.  

Ùr-ghnàthachas 

Feuchaidh sinn ri bhith cruthachail, feòrachail agus tionnsgalach. Cruthaichidh sinn dòighean-obrach ùra agus siridh sinn com-pàirteachasan agus cothroman a bheir dùbhlan dhuinn gus dèanamh cho math 's as urrainn dhuinn.

Brosnachadh  

Nì sinn am feum as fheàrr de na neartan againn, bidh sinn dìoghrasach, dealasach agus ionnsaichidh sinn bho chàch. Bheir sinn spionnadh dhan obair againn agus bidh sinn fialaidh agus àrd-amasach.

A woman sitting in a chair reading a book about Leonard Cohen.