Gintinn is giùlan
Ro-ràdh
Nach eil iad annasach, na dòighean a th' againn air bruidhinn air mar a thachras do bhoireannaich? Tha iomadach dòigh againn air faclan cruaidh fìrinneach a sheachnadh.
'Tha a seanmhair a' tadhal', nuair a tha sinn a' ciallachadh, 'tha a fuil aice'. 'Tha a criosan ag èirigh', seach tha i torrach. Chaidh a h-èigneachadh – ro dhoirbh a ràdh, is mar sin, cluinnidh sinn 'gun deach saighead na sliasaid'.
Tha cuid a' gintinn san t-saoghal seo, is cuid a' giùlain, is tha faclan cruaidh, is mòran dhiubh, aig luchd a' ghintinn. Seall air a' Bhìoball, far a bheil duilleagan is caibideilein mòra ag innse mun dol a-mach aig an dara fear seo no am fear ud eile, fhad 's nach eil ach loidhne ghoirid an siud 's an seo aig na mnathan airson an cuid spàirne a chur an cèill. 'Dh'fhàs i torrach, is rug i mac'. Leah is Rachel, a h-uile cunnart is an cràdh is an t-eagal a dh'fhuiling iad air falach anns an aon loidhne sin, gun luaidh air Bilhah is Silpah bhochd a' breith air glùinean Leah is Rachel, mar thràillean.
Tha sinn a' seachnadh fhaclan cruaidh fiù 's nar measg fhìn. Bha dithis mhàthraichean agamsa – a' chiad tè a rug mi, is an tèile a dh'altraim mi ach am biodh ceangal maireannach eadar ar teaghlaichean. Is fhathast, nuair a phòs mi, cha robh fhiosam le cinnt dè dìreach a bhios a' tachairt eadar fear is bean anns an leabaidh-phòsta.
'S dòcha gur ann air sgàth seo a tha sinn a' tàladh ar cuid chloinne le òrain cho buileach dorcha. An dubh-dhorch na h-oidhche, gabhaidh ar cuid fala, ar cuid eagal, ar cuid cràidh a dhòrtadh ann an cluais leanabh nach tuig na faclan, is nach toir brath.
Och och, mo sprochd, 's mo chìochan goirt,
's mi ag iarraidh lorg mo chùbhrachain
Mo chùbhrachan, mo chìocharan,
mo chùbhrachan 's a chùl ri làr.
'S e bean uasal a th' annamsa, ge-tà, is bha a' chlann agam fhìn air an altram le searbhantan.
'S i bean-ghlùine a dh'inns dhomh mu ghnothach an t-sagairt. Bha mi tinn le pian is ruadhadh nam chìoch, rud a bha buailteach tachairt dhomh nuair a bha leanabh agam air a chur air dialadh. 'S e an geamhradh a bh' ann, is thàinig a' bhean-ghlùine le cuman làn sneachda. Rinn i deoch theth dhomh air an robh fàileadh mar a thigeadh tro gheata Ifrinn, is nuair a bha mi air a h-uile balgam òl, chuir i clobht teth orm is an uair sin bhrùth i air ceann na cìche is thug i asam am bainne, rud a dh'adhbharaich cràdh nach bu bheag dhomh. An uair sin, lìon i bobhla le sneachda is thuirt i rium a' chìoch ghoirt a chur ann.
Bha mi nam leth-shuidhe, leth-laighe mar sin, leth-rùisgte, nuair a dh'fhaighnich i dhomh an robh mi eòlach air Iain Mòr shuas aig ceann a' ghlinne.
'Tha fiosam cò e,' arsa mise. 'An gobha.'
''S e,' ars' ise. 'Mòrag a th' air a mhnaoi. Tha i fhèin is mi fhìn sna h-oghaichean, air taobh ar màthraichean. Tha triùir inghean aca. Tha an dithis as sine air pòsadh 's air falbh, ach tha an tè as lugha còrr is deich bliadhna nas òige. Bha dithis mhac aca san eadar-ama, tha sibh a' tuigsinn, ach chaill iad an darna fear le fiabhras nuair a bha e ochd, is thuit am fear eile tron deigh air loch bràigh a' bhaile an ath bhliadhna a-rithist. Tha mi a' creidsinn gun robh i smaointinn gun robh i deiseil le leanabain, is dithis mhac aca, ach nuair a chaill iad le chèile iad, roghnaich i gum b' fheàirrde iad leanabh bhith san taigh a-rithist.'
'Mo bheannachd oirre,' arsa mise. Rud uabhasach a th' ann, nuair a chailleas tu pàiste. Chaill mi fhìn dithis, nuair a bha iad fhathast anns a' chreathall. Bha sin dona gu leòr. Gille mòr, tapaidh, a bh' air a thighinn tro na bliadhnaichean as cunnartaiche, a mhàthair a' smaointinn gum faodaidh i a h-anail a leigeil rud beag..? Chaidh gaoir tromham a' smaointinn air. Is chaill an tè bhochd seo dithis taobh a-staigh dà bhliadhna.
'Tha i ceithir bliadhna deug a-nis,' thuirt a' bhean-ghlùine. 'An nighean as òige aca.'
Dhùin mi mo shùilean feuch an tigeadh a h-aghaidh thugam. 'Tè bheag, dhonn,' thuirt mi.
'Sin i,' ars' a' bhean-ghlùine. 'Tha dùil aice ri leanabh as t-samhradh.'
'A bheil?' Chrath mi mo cheann. Bha an creutair beag mu aois na tè as sine agam fhìn, agus deagh chuid na bu lugha. Fada ro òg son leanabh a bhith aige. 'Cò an gille?' dh'fhaighnich mi.
'An sagart a bh' ann,' ars' a' bhean-ghlùine.
Shuidh mi suas agus dhòirt tuil de dh'uisge-deighe air an làr.
'An sagairt tuarastail agamsa?'
Ghnog i a ceann. 'Tha e daonnan ri cleasan mar sin.'
Abair gun do chuir e a' bhulgais orm. 'S e bodach beag, maol a th' anns an t-sagart, co-dhiù dà fhichead bliadhna a dh'aois agus gu math salach na phearsa is na chuid aodaich. Cha toigh leam an duine, is cha toigh leis-san mise nas motha.
'Feumaidh mi bruidhinn ris an duine agam,' arsa mise. 'Tha fhios gun gabh rudeigin a dhèanamh. Dh'fhaodadh i a thighinn thugainn an seo, no lorgaidh sinn deagh fhear-pòsta dhi.'
'Tha e dèanta,' ars' a' bhean-ghlùine, is bha a guth mar lann. 'Gabhaidh Calum Dall am pìobaire i. Banntrach-dhuine a th' ann, is cha robh clann aca. Bidh e gu math toilichte an leanabh a thogail mar an leanabh aige fhèin. 'S e an duine agaibh a chuir e dòigh e.'
'Ach… Ach 's e bodach a th' ann an Calum Dall!' arsa mise. 'Chan eil duine ann nas fhaisge air a h-aois fhèin?'
'A rèir coltais bha i deidheil air gille òg air choreigin,' ars' a' bhean-ghlùine, 'agus bha esan airson a pòsadh, ach cha robh sgillin ruadh aige. 'S e an t-eagal as motha a th' ormsa a-nis nach tig i tron aisid. Nì mi mo dhìcheall, ach tha i cho beag, bidh e cunnartach dhi.'
Thiormaich mi mi fhìn agus dhùin mi mo dheacaid.
'Pàighidh an sagart airson seo,' arsa ise. 'Mo làmh-sa dhut.'
'Glè mhath,' ars' a' bhean-ghlùine. An uair sin thuirt i rium gum bu choir dhomh feuchainn leatrom a sheachnadh bho sheo a-mach, mar bu shine a dh'fhàs mi, 's ann bu chunnartaiche a bhiodh e dhomh, agus chan e failleann a bh' annam tuilleadh. Thug i dhomh botal ola, agus cìob, agus mhìnich i mar a ghabhadh an cleachdadh gus sìol an duine agam a chumail bho bhith a' freumhachadh annam.
'A bheil e ag obair?' dh'fhaighnich mise.
'Chan eil sìon ag obair le cinnt,' ars' ise, 'ach a-mhàin an gnothach a sheachnadh uile gu lèir, agus chan aithne dhomh mòran fhear a tha deònach sin a dhèanamh.'
Dh'fhalbh i an uair sin, agus shuidh mi nam sheòmar fhìn ag altram mo chuid feirg mun t-sagart. 'S e boireannach cùramach a th' annam, is bha a chuid chleasan nan droch chomharra air ar cinneadh uile gu lèir. Dh'fheumte boireannaich is clann-nighean a chumail bhuaithe bho sheo a-mach. Dh'fheumadh e a chliù a chall san tìr seo gu bràth.
Beag air bheag, chunna mi dòigh air an gnothach a dhèanamh. Tha sgilean sònraichte agam agus – ged a chanas mi fhìn e – stoidhle shònraichte cuideachd. Dh'fheumainn feitheamh, ge-tà, oir bha mi airson dèanamh cinnteach gur e peanas èifeachdach a bhiodh ann.
Thàinig an cothrom mu dheireadh thall an ath gheamhradh, nuair a chaidh iarraidh oirnn dà oidhche dheug na Nollaige a chur seachad còmhla ri cuideachd an duine agam sa chaisteal aca mu dheas air Craoibh. Is cò eile bhiodh am measg nan aoighean aca airson an t-seasain, ach an rìgh. Bha Seumas IV ceithir bliadhna air a' chathair, òg is eireachdail, is bha a h-uile teaghlach cumhachdadh san rìoghachd ga iarraidh airson na Nollaige. Bha na Druimeanaich air a thàladh le caisteal mòr ùr air a thogail mar urram dha. Abair gun robh cabhag orra a' cur crìoch air. Bha peant fhathast a' dol air na ballachan dà oidhche ron Nollaig.
Tha sannt air na Druimeanaich airson cumhachd agus tha iad daonnan ag iarraidh bhith cho faisg 's a gabhas air a' rìgh-chathair. Sin a bh' air chùl mo phòsaidh fhìn. 'S e m' athair Mac 'ic Cailein, Iarla Earra-Gàidheal. Mar cheannard nan Caimbeulach, tha e air fear dhe na daoine as cumhachdaiche anns an rìoghachd. Do na Druimeanaich, tha boireannaich mar phìosan-cluiche air clàr-tàileisg – còrr is aon turas, tha tè dhiubh air rìgh Albannach a phòsadh. Searbhanta dìleas dhan chrùn a tha nam athair-cèile, is tha Rìgh Seumas air iomadh duais a thoirt dha ri linn sin, ach tha Tighearna Druimeanach a' sireadh ceangal nas dlùithe buileach. Tha a nighean Mairead aig aois airson pòsadh, agus tha Sir Iain an dòchas gur e Seumas a phòsas i.
Tha taigh-seilg aig m' athair ann am Monadh Ochail agus chaidh sinn a Chraoibh às a sin. Thagh mi mo chuid aodaich le cùram. Gùna bheilbheid uaine le 'kirtle' fodha air dath uachair. Bha iad air an dèanamh anns an fhasan as ùire, mar a tha iomchaidh don mhnaoi aig duine-uasal Gallda. Cha do chòmhdaidh mi m' fhalt le brèid, mar a bhios mnathan-pòsta Gallda a' dèanamh, ach chuir mi ann am figheachan fada e le lìon is ribeanan de dh'òr. 'S e bana-Ghàidheal a th' annam, is bha mi airson sin a chur an cèill -an dùthchas agam, ar cuid cumhachd - is mar sin, chuir mi umam cleòca mòr de bhreacan air a dhùnadh le braiste de chlach-ghrèine is òr, na ceudan de bhliadhnaichean de dh'aois. Mum ghàirdeanan, bha bannan-làimhe mòr brùideil air an dèanamh à tosgan-tuirce. Nam shuidhe air each mòr geal, shaoileadh tu gun robh Sgàthach fhèin air èirigh on uaigh.
Chan e marcaiche a bh' anns an t-sagart. Thàinig e às ar dèidh gu trom, a' strì le srian an eich. Bu mhòr am beud nach e aiseal a bh' aige.
Nuair a ràinig sinn an caisteal, bha na leusan air an lasadh agus bha a' chuideachd air cruinneachadh gus fàilte a chur oirnn. Thug mo mhàthair-chèile damh-shùil ormsa nam aodach àraid, ach bha e soilleir gun robh an sealladh a' còrdadh ris an rìgh. Chaidh mi dhan talla mhòr air a ghàirdean – cha robh Mairead idir air a dòigh, bha e soilleir gun robh a h-athair air cantainn rithe fuireach faisg air – fhad 's a rinn esan a dhìchell innse dhomh sa Ghàidhlig gun robh m' athair air a bhith na shearbhanta math is dìleas do athair fhèin.
'Dìleas gus… nach robh,' arsa mise, ach le gàire nam ghuth. Thrèig Mac 'ic Cailein athair Sheumais mu dheireadh, is chaidh e gu taobh Sheumais fhèin is a chuid reubaltach.
'Chuir m' athair a Shasainn e a cheannachd bean dhomh, an robh fhios agad air sin?' dh'fhaighnich Seumas. 'A' Bhana-phrionnsa Cecily a bha iad ag iarraidh dhomh an toiseach, is an uair sin Anne de la Pole. Ach cha deach leotha. Cha do mhair an t-sìth eadar Alba is Sasann fada gu leòr.'
'Bha m' athair-cèile an sàs san aon obair,' arsa mise, oir thoisich mi nam Chaimbeulach ach 's e Druimeanach a bh' annam an-diugh. Cha dhèanadh e cron dhuinn nam biodh ceangal an inntinn an rìgh eadar pòsadh agus na Druimeanaich.
Às a dhèidh sin, cha robh guth air poilitigs tuilleadh, shuidh sinn san talla le fìon ruadh na Spàinne agus ceòl na clàrsaich. An uair sin, chaidh stoiridh iongantach innse mu bhò-thàin mhòir ann an Èirinn o chionn fhada an t-saoghail. Thuirt an seanchaidh gun stadadh e an-dràsta is a-rithist gus mìneachadh a thoirt sa Bheurla dhaibhsan aig nach robh a' Ghàidhlig. Dhiùlt an rìgh an ùmhlachd seo, ge-tà, is thuirt e gun dèanadh e fhèin eadar-theangachadh, nan cumainnsa taic ris. Chaidh leis gu math, ach chuir e an ìre nach robh e a' tuigsinn pìos mun ghaisgeach Fearghas Mac Róig; saoil an cuideachadh a' Bhaintighearna Iseabail e? Choimhead mi na shùilean fhad 's a dh'aithris mi na faclan sa Bheurla: 'His penis was seven fists long, his scrotum a bushel bag. It took seven women to satisfy him.' Thàinig rudhadh an gruaidhean Mairead ach bha an rìgh glan air a dhòigh.
Thàinig am biadh a-mach an uair sin, is 's e bha math. Bha pàidhean is putagan is maragan ann an toiseach, iasg is eunlainn is feòil ròiste, is mu dheireadh na mìlsean, ughagan is cnòthan is 'marchpane'. Fhad 's a bhathar a' tighinn a-mach le na pàidhean is na putagan, ghabh an sagart an t-altachadh, is an uair sin shuidh e air stòl agus stiall e air. Tuigidh mi nis carson a chanas iad gu bheil sannt nan seachd sagart air duine a dh'itheas cus.
Nuair a bha am biadh deiseil, bha barrachd fìon ann, is òrain. Thàinig srann on t-sagart agus thilg an rìgh cnàmh circe a bhuail an clàr an aodainn e.
'Am faodh mi dàn a thoirt dhuibh?' dh'fhaighnich mise. 'Dàn a rinn mi fhìn?'
'Tha a' Bhaintighearna Iseabail na bana-bhàrd cuideachd!' ars' an rìgh. 'Dall ort, a Bhaintighearna, cluinneamaid e!'
Agus mar sin dh'èirich mi, is le gàire, dh'aithris mi an dàn:
Atá fleasgach arm o thí,
A Rí na ríogh go rí leis!
A bheith sínte ré mo bhroinn
Agus a chuim ré mo chneis!
Dá mbeith gach ní mar mo mhian
Ní bhiadh cian eadrainn [gu brath]
Gé beag sin dá chur i gcéill,
'S nach tuigeann sé féin mar tá.
Acht ní éadtrom gan a luadh
Sgéal as truaighe linn 'nar ndís:
Esan soir is mise siar,
Mar nach dtig ar riar a rís.
'S e dàn beag prìseil a bh' ann, is bha fhiosam air. Thogadh mi ann an taigh air am biodh luchd-ealain a' tadhail, agus bha mi a cheart cho eòlach air bàrdachd na cùirte 's a bha mi air filidheachd na Gàidhlig. Bhuail an rìgh a bhoisean agus dh'iarr e orm dàn eile a ghabhail. 'Ach bha am fear ud ro bheusail,' ars' esan.
'Glè mhath,' arsa mise. 'Nam bu mhath leibh dàn nas blàithe a chluinntinn, tha fear agam mu shagart is a chuid… chleasan.'
Bha iolach àrd on chuideachd nuair a chuala iad sin – 's e duine fialaidh a tha nam athair-cèile agus bha mòran dhiubh air an daoraich. Bha coltas mi-chofhurtail air an t-sagart. Sheas mi gu dìreach, thug mi damh-shùil air, agus thòisich mi ri aithris.
Éistibh a luchd an tighe-se
re scél na mbod brioghmhar
do shanntaich mo chridhe-sa
cuid dana scéalaibh do sgriobhadh.
Cé líonmhor bod bréagh-bhileach
do bhí san aimsir romhainn
tá aig fear an úird chrábhaidh seo
bod as cho mór righinn.
Bod mo shagairt thuarasdail
cé tá cho fada seasmhach
o tha céin ní chualabhair
an reabh atá ina mhacan.
Atá a riabh ro-reamhar
an sin 's ní h-é scéal bréagach
nocha chuala cho-reamhar
mhotha bhod arís.
Éistibh!
Nuair a bha mi deiseil, cha tuirt duine guth airson diog, is an uair sin bhuail an rìgh a bhoisean ri chèile, is leig e iolach às, agus an uair sin cha robh roghain aig duine ach . Chunna mi gun robh na boireannaich eile a' coimhead ris an t-sagart le drèin.
''S e dh'fheumar dèanamh nuair a chacas cù am broinn an taighe, nach e, Athair?' ars' an rìgh. 'Feumar sròn a' bheathaich a shuathadh na shalachair fhèin. Canaidh sinn sa Bheurla nach gabh cleasan ùra ionnsachadh do sheana-chù, ach chan eil fhiosam a bheil sin fìor. Saoilidh mise gur e leasan math a thug a' Bhaintighearna Iseabail an-diugh, is tha mi an dòchas gun ionnsaichear gu math e.'
Sheas an sagart le drèin uabhasach air aghaidh, agus stamp e on t-seòmar. Shèid m' athair-cèile ris a' chlàrsar, a thog a chlàrsach cho luath 's a b' urrainn dha agus a thòisich ri seinn.
Shuidh mise sìos air being ri taobh an duine agam agus ghabh mi stalag fìona. Bha ola na mna-glùine air fàilligeadh agus bhiodh leanabh ùr agam mu mheadhan an t-samhraidh. Seasan eile de mhi-shocair is eagal is cràdh ri thighinn – ach a-nochd bha mi fallainn, is làidir, bha làmh an uachdair agam agus 's mi bha air mo dhòigh.
Facal on ùghdar
'S e ficsean a th' anns an sgeulachd ghoirid seo, stèidhichte air dàn a tha iongantach agus annasach. Tha 'Éistibh a luchd an tighe-se', na bhòst air meud bod sagairt. Tha e air a thasgadh ann an Leabhar Dheathan Lios Mòir, far a bheil a' bhana-bhàrd air a h-ainmeachadh mar 'Contissa Ergadien Issobell' (sin ri ràdh, Iseabail, bean Iarla Earra-Ghàidheal). Tha dà dhàn eile san Leabhar le 'Iseabail Ni Mheic Cailéan' (sin ri ràdh, Iseabail, nighean Iarla Earra-Ghàidheal). Dh'fhaoite gun robh dithis bhana-bhàrd ann, ach sa chumantas, tha luchd-deasachaidh an latha an-diugh a' gabhail ris gur i an nighean a rinn na trì.
Bha Iseabail pòsta aig Uilleam Druimeanach, mac Iain, a chiad duine air an robh an tiotal Tighearna Druimeanach. Bha fearann a' chinnidh ann an Siorrachd Pheairt faisg air fearann nan Caimbeulach aig Dolar. Bha an dà theaghlach le chèile cumhachdach aig cùirt Sheumais III agus an uair sin Sheumais IV. Phòs Uilleam is Iseabail ro 1479 agus bha Uilleam air pòsadh a-rithist ro shamhradh 1493. A rèir coltais, mar sin, chaochail Iseabail ron a sin. Tha na tachartasan san sgeulachd seo a' gabhail àite ann an 1492.
Bha ùidh agam a-riamh ann am Mairead Druimeanach, leannan Sheumais IV is màthair na 'Baintighearna Mairead', nighean an rìgh (Baintighearna Mairead Gordon a bh' oirre nuair a phòs i). Bhàsaich Mairead Druimeanach bhochd is dithis de peathraichean air an aon latha ann an 1501. Bàs uabhasach a bh' ann - botalas no rudeigin mar sin as coireach, ged a tha beul-aithris (nach eil fhios) tric ag innse gun robh iad air am murt. Cha do thuig mi gur e peathraichean-cèile a bh' ann an Iseabail is Mairead gus an do thòisich mi air a' choimisean bheag seo do Leabharlann Nàiseanta na h-Alba. Bha mi mar-thà dhen bheachd gur e creutair annasach a bh' ann an Iseabail, le dàn feòlmhor mun t-sagart aice, is an dòigh san robh cas aice ann an dà chultar. Bha mi air mo dhòigh ghlan nuair a chunnaic mi dòigh air Seumas IV – an rìgh Albannach mu dheireadh aig an robh Gàidhlig – fhighe dhan sgeulachd mar chùl-taice do dh'Iseabail.
Tha an sgeulachd a' cleachdadh Gàidhlig an latha an-diugh ach an gabh a leughadh gu soilleir – cha bhiodh a' Ghàidhlig aig Iseabail buileach mar a tha i againn an-diugh.
Tha an sgeulachd a th' air a h-innse aig an Nollaig cuideachd air a tasgadh ann an cruinneachaidhean Leabharlann Nàiseanta na h-Alba. An 'Táin Bó Flidhais' a th' oirre agus gheibhear lorg oirre ann an Làmh-sgrìobhainn Ghleann Masain, Adv.MS.72.2.3. Chan eil sgeul air bod Fhearghais san tionndadh ge-tà, ged a tha e a' nochdadh gu tric ann an tionndaidhean eile. Mìle taing do dh'Abi Burnyeat, a tha daonnan na comhairliche cho coibhneil.
Mun sgrìobhadair agus an dealbhadair
Tha Màiri Kidd na sgrìobhadair ag obair ann an Dùn Èideann. Am measg a cuid leabhraichean tha 'The Specimens', a bh' air a thaghadh le Waterstones mar Leabhar Albannach na Mìos. Tha ùidh mhòr aice ann am beatha bhoireannach anns na linntean a dh'fhalbh agus chord e rithe gu mòr a dhol an sàs ann am beatha Iseabail. Mar as trice bithidh i a' sgrìobhadh sa Ghàidhlig airson stèidse is Tbh is gu sònraichte airson phrògraman comadaidh. Tha Màiri cuideachd a' stiùireadh Comann Crann na h-Alba far a bheil i a' cumail sùil air Na Saltires: Duaisean Leabhraichean Nàiseanta na h-Alba.
'S e dealbhadair a th' ann an Tom Morgan-Jones, a th' air obrachadh air còrr is 80 leabhar. Bidh e ag obair mar as trice le peann-tumaidh agus tha na dealbhan aige air nochdadh air busaichean, pàircean ball-coise, briosgaidean-coin agus ann am pàipearan-naidheachd is irisean leithid An Guardian, An Observer, agus Glamour. O chionn goirid rinn e dealbh a tha oilthigh an dùil cur chun na Gealaich agus aon turas thionndaidh e an neach-comadaidh Johnny Vegas na dhìnnear de dh’fheòil ròist. Tha Tom a' fuireach ann an Dùn Èideann.
Dive deeper
An Comunn Gàidhealach publications
Rare items in Gaelic
Lewd poem from the Book of the Dean of Lismore